Goireasan ùra aig cidhe Sgonnsair

Bàt-Aiseig Hybrid
Image caption Tha dùil gun tòisich an soitheach ùr air slighe Ratharsair as t-Samhradh 2013

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant, luach £2m, seachad airson goireasan ùra a thogail aig cidhe Sgonnsair san Eilean Sgitheanach.

'S e a' chompanaidh McLaughlin & Harvey Eta, à Èirinn a Tuath, a fhuair an cùmhnant airson ionad-feitheimh, taighean-beaga agus àitean-parcaidh a thogail ri taobh a' chidhe.

Thèid cuideachd an lamraig a dhèanamh nas fhaide agus nas leithne, gus am freagair e air an aiseag ùr hybrid a thòisicheas air an t-slighe an ath-bhliadhna.

Bidh am bàt-aiseig ùr, a tha ga thogail an-dràsta ann an Gàraidhean Fheargasdain air Chluaidh, a' ruith air bataraidh agus air diesel.

Thàinig pàirt den mhaoineachadh airson nan goireasan ùra bho Mhaoin Leasachaidh Sgìreil na Roinn Eòrpa, agus tha dùil gun tòisich an obair as t-Fhoghar.

Mairidh an cùmhnant 32 sheachdain.

Thèid deuchainnean mara a dhèanamh air an t-soitheach ùr sa Chèitean an ath-bhliadhna, mus tòisich i an t-slighe cheart san t-Samhradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile