Iarrtas gun glèidhear tidsearan chuspairean sònraichte

Teagasg Image copyright VT Freeze Frame
Image caption Bruidhnidh an EIS ris a' Chomhairle a dh'aithghearr mu chùmhnantan.

Tha pàrantan ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar feuchainn ri dòigh fhaighinn tidsearan nan cuspairean sònraichte sna bun-sgoiltean a chumail.

Tha a' Chomhairle airson an àireamh de thidsearan-siubhail ealain, spòrs agus ciùil a ghearradh 's iad ag ràdh gu bheil na sgillean seo aig na tidsearan àbhaisteach mar thà.

Coinnichidh aonadh an luchd-teagaisg an EIS ri stiùiriche foghlaim nan Eilean Siar a dh'aithghearr a bhruidhinn mu chùmhnantan.

Bha a' Chomhairle airson 's gum biodh e an urra ri tidsearan nam bun-sgoiltean fhèin leithid ealain, spòrs agus ciùil a theagasg, le trèanadh bho na tidsearan-siubhail.

Iomagaineach

"Tha na pàrantan anns an sgoil againne a' faireachdainn nach eil sinn a' faighinn an fhiosrachaidh gu lèir," thuirt Anna NicAmhlaigh, aig a bheil leanabh ann an Sgoil an Rubha.

"Tha sinn a' faighinn bhloighean den fhìrinn, pìosan den fhìrinn, ach chan eil sinn a' faighinn an deilbh shlàin.

"Mar eisimpleir tha a' Chomhairle a' cantainn rinn nach caill gin den luchd-teagaisg na h-obraichean aca, no nach toir iad air duine sam bith an cosnadh a chall.

"'S e rud nach eil iad ag innse gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-teagaisg a tha a' teagasg rudan mar ealain agus ceòl, air cùmhnantan bliadhna no rudeigin mar sin.

"Mar sin dheth, cha leigeadh iad leas dìol-thuarastal a phàigheadh.

"Ach chan eil sin ag ràdh nach eil iad airson cuidhteas fhaighinn dhiubh," thuirt i.

Tha teagamh ann cuideachd mu thidsearan bun-sgoile a bhith a' gabhail uallaich airson nan cuspairean sònraichte.

"Tha na tidsearan fhèin iomagainneach mun a sin.

"Tha e fìor gu bheil iad air teisteanas teagaisg fhaighinn a tha ag ràdh gu bheil iad air ìre a ruighinn anns na cuspairean sin, ach tha iad fhèin ag aideachadh gur i ìre gu math ìosal a tha sin.

"Tha iad air teisteanas fhaighinn gu bheil iad comasach air, mar eisimpleir, ceòl a theagasg, ach canaidh iad fhèin nach urrainn dhaibh ceòl a leughadh, ionnstramaid a chluich, 's nach eil guth seinn aca.

A-mach Às an Àbhaist

"'S e prìomh amas teisteanas foghlaim bun-sgoile gu bheil iad comasach air na cuspairean mar leughadh agus sgrìobhadh agus matamataig a theagasg," thuirt i.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad cha-mhòr leotha fhèin ann an Alba le bhith a' cleachdadh thidsearan-siubhail. Ach chan eil a' Bh.Ph. NicAmhlaigh a' gabhail ri sin.

"Chan eil sin buileach fìor a bharrachd, airson tha na comhairlean eileanach eile leithid Sealtainn agus Arcaibh, tha tidsearan mar seo aca agus chan eil guth sam bith acasan air an suidheachadh sin atharrachadh.

"Tha comhairlean eile dùthchail air Tìr Mòr leithid Comhairle Aonghais, fhathast a' cleachdadh thidsearan a tha a' dol bho sgoil gu sgoil a thaobh nan cuspairean a tha seo.

"Agus ged a bhitheadh sinn a-mach às an àbhaist, tha sinn a-mach às an àbhaist ann an dòigh a tha math agus a tha feumail agus cuideachail dhan chloinn.

"Uaireannan chan e an rud a tha càch a' dèanamh an rud as fheàrr. Uaireannan bu chòir dhuinn a bhith a' coimhead gur e sinne a th' air thoiseach air càch agus feuchainn ri sin a chumail suas," thuirt i.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil Comataidh an Fhoghlaim air aontachadh coimhead a-rithist ri seirbheis thidsearan nan cuspairean sònraichte taobh a-staigh buidseat 2013/14.

Thuirt iad gu bheil e comasach do thidsearan bun-sgoile ealain, spòrs agus ceòl a theagasg, 's gum bi seirbheis thidsearan nan cuspairean sònraichte san àm ri teachd an urra ri buidseatan na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile