Stèisean rèile ga fhosgladh a-rithist

Loidhne rèile
Image caption Thèid £600,000 a chosg air stèisean ùr a thogail.

Thèid stèisean rèile Dhrochaid Sguideil fhosgladh às ùr tràth an ath-bhliadhna - còrr is leth-cheud bliadhna às dèidh dha dùnadh.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gum fosgladh an stèisean sa Ghearran 2013, mus tòisich obair-tearraidh mhòr air Drochaid Cheasaig.

Chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1960.

Thèid £600,000 a chosg air stèisean ùr a thogail aig an làraich.

"Goireasach"

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gum bi an stèisean ùr gu math goireasach do mhuinntir an àite 's iad gu bhith a' brosnachadh dhaoine gus còmhdhail poblach a chleachdadh nuair a tha an obair a' dol air Drochaid Cheasaig.

Thuirt e gum bi Transport Scotland cuideachd a' cur rudan eile air dòigh leithid tuilleadh sheirbheisean bus agus barrachd àiteachan-parcaidh aig stèiseanan-rèile eile - gus nach adhbhraich an obair uidhir de mhàill.

Tha dùil gun tòisich obair air an stèisean ùr san Damhair.

Chuir Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Drew Hendry, fàilte mhòr air an naidheachd.

"'S e deagh naidheachd a tha seo, chan e a-mhàin don choimhearsnachd ionadail agus don Ghàidhealtachd gu lèir. Bheir seo an tuilleadh chothroim do dhaoine còmhdhail phoblach a chleachdadh seach an cuid chàraichean fhèin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile