Athair fear às an Ungair ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh

Tha athair Thamas Gador air Leòdhas a' ruighinn 's e airson cuideachadh a thoirt dha na poilis a tha lorg a mhic.
Tha dùil gun tàinig Tamas Gador, 27, gu Steòrnabhagh Didòmhnaich seo chaidh, ach chaidh fios a chur air na poilis Diciadain gun robh e a dhìth, às dèidh mar nach do nochd e aig àite-fuirich a bha e air a chur air dòigh, 's e air a bhith a' campachadh oidhche.
Bha e air tiocaid a cheannach son itealain dhan Ungair Diciadain cuideachd 's cha do nochd e aig a' phort-adhair airson sin a bharrachd.
Seacaid uaine
Tha e mu 6' de dh'àirde, caol, le falt dorcha gu amhaich, agus feusaig air gun stais.
Chaidh fhaicinn mu dheireadh ann an Steòrnobhagh, ach tha amharas gun deach fhaicinn anns na Hearadh cuideachd - ged nach deach sin a dhearbhadh fhathast, 's tha dùil gu bheil e anns na h-Eileanan an Iar fhathast.
Chunnacas e 's seacaid uaine air, le briogais soilleir, botannan coiseachd, le màileid mhòir ri a dhruim.
Bha teanta glas aige le còmhdach dearg.
Dh'fhaodadh gun do chuir Mgr Gador àite-fuirich eile air dòigh, ach tha na poilis ag iarraidh bruidhinn ris fhèin, no ri duine a chunnaic e, 's faodar fios a chur air na Poilis air 01851 702222.