Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Alba san Aonadh Eòrpach

Dh'aontaich britheamh cabhag a chur air cùis-lagha a dhearbhas am feum Riaghaltas na h-Alba innse an deach comhairle laghail iarraidh air àite Alba neo-eisimeilich anns an Aonadh Eòrpach. Ghabh am Morair Menzies ris an iarrtas bho Choimiseanair an Fhiosrachaidh aig Cùirt an t-Seisein, agus bidh an èisteachd ann air an 18mh agus an 19mh là den Dùbhlachd. Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba freagairt a thoirt dhan cheist a chaidh a thogail tro Achd Shaorsa an Fhiosrachaidh.

Buidseat na h-Alba

Gheall Riaghaltas na h-Alba buidseat airson cosnaidhean agus fàs eaconamach a bhrosnachadh ged a tha nas lugha de dh'airgead ann airson a chosg na bha an-uiridh. Tha na Làbaraich ag ràdh gum feum am buidseat an-diugh airgead a chur ri gnìomhachas togail agus foghlam an dèidh na sgoile. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, gu bheil esan ag amas air an eaconamaidh a bhrosnachadh agus seirbheisean poblach a ghlèidheadh.

BSkyB

Thuirt riaghladair nam meadhanan, Ofcom, gu bheil BSkyB comasach agus ceart airson cead-craolaidh a bhith aca. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air BSkyB an dèidh do News Corporation - a' chompanaidh dham buin a' bhuidheann - aideachadh gun robh luchd-naidheachd ri farchluais air fònaichean. Ach chàin Ofcom seann chathraiche BSkyB, Seumas Murdoch, 's iad ag ràdh ged nach eil fianais sam bith ann gum b'aithne dha dad mun fharchluais air fònaichean, gu bheil e doirbh dhaibh a thuigsinn carson nach do rannsaich e na casaidean.

Dale Cregan

Tha gu a-màireach aig Poilis Dale Cregan, duine a tha fo amharas mu mhurt dithis oifigear poilis ann am Manchester Dimàirt, a cheasnachadh. Chaidh Nicola Hughes agus Fiona Bone a mharbhadh ann an ionnsaigh le gunna agus greinèid ann an sgìre Mottram.

Comhairle Lannraig a Tuath

Tha sgìre chomhairle cho mòr 's a th' ann an Alba, Lannraig a Tuath am beachd na h-uidhir de cheudan chosnaidhean a ghearradh. Tha a' chomhairle sin ag amas air £70m a chùmhnadh, agus iad a' coimhead am measg rudan eile air cur às do chuid de sheirbheisean nam busaichean sgoile agus seirbheis an sgudail.

Tidsearan-siubhail

Dh'iarr pàrantan air Comhairle nan Eilean Siar dòigh eile fhaighinn air tidsearan a tha a' tadhail air bun-sgoiltean a chumail. Tha a' Chomhairle airson gearradh air ais air an àireimh thidsearan ealain, spòrs agus ciùil, agus iad ag ràdh gu bheil na sgilean sin mar thà aig na tidsearan àbhaisteach. Thuirt a' Chomhairle gun coimhead iad air seo a-rithist anns an ath-bhuidseat.