Camarathan astair mheadhanaich son an A9?

Camara-astair
Image caption Dhèanadh na camarathan tomhais air astar meadhanach dhràibhearan.

Tha eòlaichean sàbhailteachd-rathaidean a' beachdachadh air camarathan a ghlacas cho luath 's a tha dràibhearan a' dol anns a' chumantas air pìos rathaid a stèidheachadh air an A9.

Tha Buidheann Sàbhailteachd an A9, anns a bheil poilis, na h-ùghdarrasan ionadail agus Còmhdail na h-Alba an sàs, air a bhith a' dèanamh rannsachaidh feuch an gabhadh camarathan astair mar seo cur eadar Dùn Bhlathain agus Inbhir Nis.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh cha-mhòr 700 dràibhear a' glacadh 's iad a' dràibheadh ro luath air an A9 taobh a-staigh deich làithean o chionn ghoirid, ann an iomairt shònraichte a rinn na Poilis.

Tha teagamh ge-tà, co-dhiù bheil luach an airgid anns na camarathan seo.

Tha Neil Greig bho Institiùd nan Dràibhearan Adhartach, ag ràdh gum b'fheàrr an t-airgead a chosg air obair-leasachaidh air an rathad.

"Chan ann mu dheidhinn astair a tha trioblaid an A9," thuirt e.

"'S ann a tha barrachd ghnothaich aige ri droch ghiùlain dhràibhearan, gu h-àraid droch ghabhail-seachad.

"'S ann mu dheidhinn droch cho-dhùnaidhean gabhail-seachad a tha a' chuid as motha de na tubaistean air an A9, a rèir choltais.

"Cha dhèiligear ri sin, gu cinnteach, le camarathan astair mheadhanaich.

"Tha sinne den bheachd gur e barrachd phoileas a bhith an làthair a b'fheàrr airson stad a chur air droch-ghiùlain dhràibhearan.

"Cuideachd 's e rathad gu math fada a th' ann," thuirt e.

Tha an Comann Rìoghail airson Tubaistean a Sheachnadh (RoSPA) ag ràdh gur e deagh rud a th' ann an camarathan astair mheadhanaich, agus gum faod iad deagh bhuaidh a thoirt air mar a bhios daoine a' dràibheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile