Duais eile dhan Bhail' Ùr?

Caman
Image caption Deireadh-sheachdain mhòr eile ann an iomain.

Seachdain as dèidh geama aibheiseach ann an cuairt deireannach Chupa na Camanachd, dh'fhaodadh gun tèid tè eile de dhuaisean mòra na h-iomain a thoirt seachad aig an deireadh-sheachdain.

Tha cothrom aig Bail' Ùr an t-Slèibh am prìomh lìog a ghlèidheadh son an treas bliadhna ann an streath is iad a' cluich an aghaidh Ghlinn Urchadain an Druim na Drochaid.

Cha mhòr nach eil am Bail' Ùr cinnteach air an tiotal mar-thà is iad dà phuing air thoiseach air Caol Bhòid - agus 13 tadhail air thoiseach a thaobh diofar nan tadhal - le dìreach aona gheama ri dhol.

Mar sin, dh'fhaodadh am Bail' Ùr fiùs an geama seo an Druim na Drochaid a chall is bhiodh e fhathast eu-choltach dha-rìribh gum b'urrainn do Chaol Bhòid an suidheachadh a thionndadh mun cuairt.

Tiotal

Nì puing Disathairne an gnothach cinnteach ge-tà agus 's e sin a bhios am Bail' Ùr ag iarraidh - an tiotal a bhuannachadh air a' phàirc iad fhèin - seach a bhith a' feitheamh seachdain eile, nuair a chluicheas Caol Bhòid an geama mu dheireadh acasan.

Ma 's e is gun robh am Bail' Ùr idir feumach air brosnachadh a bharrachd, bidh Disathairne cuideachd a' comharrachadh a' gheama mu dheireadh aca fo stiùir Thormoid 'Brick' MhicArtair.

'S iongantach mura bi an duais ann an làmhan Brick a-rithist oidhche Shathairne.

Bidh aon gheama eile sa Phrìomh Lìog Disathairne is Inbhir Aora a' dol an aghaidh Lòbhait ann an Cill Taraghlain.

Briseadh-cridhe

Tha e duilich fhaicinn ciamar as urrainn do dh'Inbhir Aora iad fhèin a thogail as dèidh briseadh-cridhe sa chuairt dheireannaich an t-seachdain seo chaidh, agus bithear an dùil gur iad Lòbhat a gheibh an dà phuing an seo.

Ann an Liog Tuath 1 tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' dol gu Drochaid an Aonachain agus fios aca gum feum iad a' chùis a dhèanamh air Loch Abar ma tha cothrom idir gu bhith aca air an lìog a bhuannachadh.

Tha Loch Abar an-drasta puing air thoiseach air na Sgitheanaich, agus sgioba an eilein air dà gheama a bharrachd a chluich.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e mìorbhail a bhios ann a-nise mura faigh Loch Abar an lìog", thuirt manaidear nan Sgitheanach, Willie MacRath.

"Bidh sinn caran gann de chluicheadaran, ach nì sinn ar dìcheall", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile