Coinneamh le Scottish Fuels

Diesel
Image caption Tha dòchas ann gum bi cùisean air ais dhan àbhaist an t-seachdain seo tighinn.

Coinnichidh am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond ri Scottish Fuels mun ghainnead chonnaidh a th' air a bhith an Uibhist bho chionn ghoirid.

Tha an stòras diesel air a bhith ìosal an Uibhist.

A rèir BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, tha dòchas ann gum bi cùisean air ais dhan àbhaist an t-seachdain seo tighinn.

''Tha mi a' tuigsinn gun do dh'fhàg obair-càraidh air tancaichean nas tràithe air an t-seachdain seo an sgìre gann de dhiesel," thuirt e.

''A-nis tha iad ag ràdh gu bheil tancairean a tighinn a-nuas à Leòdhas. Cha ghabhadh sin a dhèanamh roimhe air sgàth an làn air Càolas na Hearadh.

''Bhruidhinn mi ri Scottish Fuels an-dè agus tha iad a gealltainn gun toir iad gu leòr a-nuas à Leòdhas a nì a' chùis agus gum bi na tancaichean a' dol a-rithist air an 27mh là den mhìos seo,'' thuirt e.

Leisgeul

Tha Scottish Fuels a tha a' cumail connaidh ri bùithdean Uibhist air leisgeul a thabhann airson an t-suidheachaidh, ach tha iad ag ràdh gur ann air sgàth obair-càraidh riatanaich air na tancaichean aca ann an Loch a' Chàrnain a thog e ceann.

'S ann air làraidhean à Steòrnabhagh a dh'fheumas iad an connadh a thoirt a-steach, thuirt iad, agus tha sin air a bhith doirbh leis mar a tha an làn a' toirt buaidh air aiseag an t-Òib.

Conaltradh

Thuirt Mgr MacNìll gun robh barrachd conaltradh a dhìth san àm ri teachd gus suidheachadh mar seo a sheachdnadh.

''Tha mi a smaoineachadh gu bheil còir aig Scottish Fuels ri bhith a' toirt aire nas fheàrr dhuinn, innse dhuinn agus a bhith a' dèanamh nadair de chòmhradh ris an àite ma tha iad a' dèanamh obair den t-seòrsa seo,'' thuirt e.

''Tha connadh riatanach, dh'fhaodadh cùisean a bhith tòrr nas miosa na seo, ma bha cùisean air a dhol ceàrr leis an obair-càraidh seo agus chan eil e a' dol fhathast.

''Feumaidh sinn a bhith a' seasamh orra ris an fhacal a tha iad fhèin a' toirt seachad,'' thuirt e.