Co-chòmhairleachadh mu bhith a' dùnadh Chùirtean-Siorraidh

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Sioraidh ann am Baile BhòidTùs an deilbh, Crown
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhaodadh cùirt siorraidh Bhaile Bhòid dùnadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh 11 a-mach à 49 de Chùirtean Siorraidh na dùthcha a dhùnadh - cùirtean Inbhir Pheofharain agus Dòrnaich nam measg.

Thathas a' toirt crathaidh air structar na seirbheis, agus tha Seirbheis nan Cùirtean air co-chòmhairleachadh a chur air dòigh mu na planaichean, a mhaireas trì mìosan.

Tha moladh ann cuideachd gun sguir Àrd-Chùirt na h-Alba a bhith a' suidhe ann an Inbhir Nis.

Tha dùil gun deadh £2m a shàbhaladh le Seirbheis nan Cùirtean à bhith a' dùnadh nan toglaichean.

Dùnaidhean

Tha ceithir chùirtean a bha air an comharrachadh airson an dùnadh, a' dol a dh'fhuireach fosgailte ge-tà: Sailcirc, Baile Dhùbhthaich, Lannraig agus Baile Fharfair.

A bharrachd air Inbhir Pheofharain agus Dòrnach 's iad Cùirtean Siorraidh An Dùin, Cille Chuithbeirt, nam Pùballan, Bhaile Bhòid, Albha, Chùpair, Obar Bhrothaig, Bhaile Adainn agus Chala nan Clach an fheadhainn eile a dh'fhaodadh dùnadh.

Tha Seirbheis nan Cùirtean a' call an còigeamh cuid dhen bhuidseat aca ron bhliadhna 2015. Tha iad ag ràdh gu bheil Cùirt Inbhir Pheofharain faisg gu leòr air Inbhir Nis, 's nach eil na h-uidhir sin de chùisean ann an Dòrnach airson na cùirtean sin a ghlèidheadh.

Ach a-mhàinn ann an suidheachaidhean àraid, tha iad a' moladh gu sguir an Àrd-Chùirt a bhith a' tighinn a dh'Inbhir Nis, 's iad ag ràdh gur e cleachdadh seann-fhasanta a th' ann.

Tha dùil ri co-dhùnadh deireannach air na molaidhean an ath-bhliadhna.