Leasachadh A' Chamais Mhòir "laghail"
- Air fhoillseachadh

Bha Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta air gabhail ris a' bhaile ùr mar thà mar phàirt den phlana leasachaidh ionadail.
Tha Cùirt an t-Seisein air co-dhùnadh gu bheil plana connspaideach, airson baile ùir ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, laghail.
Bha luchd-iomairt air a dhol gu lagh ann an oidhirp stad a chur air an leasachadh, air a bheil an t-ainm An Camus Mòr, faisg air an Aghaidh Mhòir.
Bha Ùghdarras na Pàirce air gabhail ris an leasachadh anns a' phlana ionadail airson na sgìre.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh