BBC Naidheachdan

Taisbeanadh nan Tuathanach

Published
image caption'S e seo an siathamh ralaidh obrach ann an Deimhidh, ann an uachdar Shrath Narrann, 29mh an t-Sultain.
image captionBidh na h-uidhir de sheann uidheaman agus innealan tuathanais gan taisbeanadh, 's gan cleachdadh aig an ralaidh.
image captionChìthear na h-innealan a' treabhadh, a' buain agus a' bualadh air a' bhlàr a-muigh, le còrr is 100 tractar an làthair.
image captionTha Iain MacLeòid a' fuireach ann an Deimhidh, agus tha ùidh mhòr aige sna seann tractaran agus innealan.
image captionTha cuid de na h-innealan a' dol air ais mu 100 bliadhna 's an còrr.
image captionBidh cuid de dhaoine a' dèanamh oidhirp mhòir gus na seann innealan a chumail ann an staid ghleansaich mar a bha iad nuair a rinneadh iad.
image captionTha eachdraidh chudromach aig Alba a thaobh a bhith a' leasachadh innealan àiteachais.