Uachdaran Èisdeil deònach an t-eilean a reic
- Published
Dh'innis uachdaran Eilein Èisdeil ann an Earra-Ghàidheal gu bheil e deònach an t-eilean a reic ris a' choimhearsnachd.
Bha e a' bruidhinn agus farpais losg-bhra-teine na Cruinne ga cumail san eilean air an deireadh sheachdain.
Bha na h-uidhir de chonnspaid a' cuairteachadh na farpais, a tha ga cumail ann an seann chuaraidh sgleata an eilein, agus an t-uachdaran ag ràdh, airson a' chiad turais o thòisich an fharpais o chionn 15 bliadhna, gun robh e ag iarraidh airgid airson am fearann aige a chleachdadh.
Thuirt an fheadhainn a bha ga ruith gun robh e ag iarraidh cus, agus gun deadh an fharpais air adhart mar bu ghnàth.
Fhuair a' choimhearsnachd tabhartas airgid bho phàipear-naidheachd airson an uachdaran a phàigheadh.
B' e Ron Long, às a' Chuimrigh, a bhuannaich an fharpais am bliadhna.
Bhuail an t-Albannach, Dougie Isaacs, am balla air taobh thall a' chuairidh trì tursan sreath a chèile - a' chiad uair a tha duine air a leithid a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 An t-Sultain 2012
- Published
- 18 An t-Sultain 2012