BBC Naidheachdan

Fear-coiseachd ga lorg marbh air Beinn Nibheis

Published
Tha fear a bha a' sreap Beinn Nibheis air an deireadh-sheachdain air bàsachadh an dèidh dha tuiteam far slighe coiseachd.
Chaidh sgioba teasairginn nam beann à Loch Abar a ghairm timcheall air 10:00f oidhche Haoine.
Lorg iad an duine ri taobh aibhne cais, ach bha e marbh.
Thèid aithisg a chur gu neach casaid a' Chrùin.