Corp Thamas Gador ga lorg an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Poilis a' Chinn a Tuath gur e an Ungaireachd Tamas Gador, aois 27, a chaidh fhaighinn marbh air taobh siar Leòdhais Disathairne.
Dh'fhàs teaghlach Mhgr Gador iomgaineach nuair nach do nochd e son itealan a bha siubhal air ais dhan Ungair Diciadain sa chaidh.
Thàinig athair a Leòdhas Disathairne son cuideachadh a thoirt dha na polais ann a bhith lorg a' mhac.
Chaidh an corp a lorg air bearradh creige aig Dail Mòr feasgar dhisathairne.
Chan eil na Poilis air an còrr fiosrachaidh a thoirt seachad aig an ìre seo.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh