Comhairliche ag iarraidh rannsachaidh air sgìre SAC
- Published
Tha fear de chomhairlichean Bharraigh ag iarraidh air Ministear ùr na h-Àrainneachd ann an Dùn Èideann rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air mar a chaidh uisgeachan an ear air Miughlaigh a thaghadh airson sgìre SAC.
Chuir Dòmhnall Manford litir gu Pòl Wheelhouse 's e ag ràdh gu bheil mòran cheistean rim freagairt 's gu bheil rannsachadh neo-eisimeileach a dhìth airson 's gum bi earbsa aig an t-sluagh sa phròiseas.
''Tha sinn ag iarraidh rannsachaidh anns an dòigh a chaidh an t-àite seo a thoirt air adhart agus mar a ghluais am pròiseas air adhart air a' chuspair seo," thuirt e.
''A thaobh an t-seòrsa rud leithid an "Habitats Directive" a tha iad ag innse dhuinn uair is uair eile, 's e aon uair is gun tèid rud a chomharrachadh chan eil dòigh ann a dhol air ais air.
''Tha e riatanach tuisge fhaighinn air ciamar a thàinig seo am bàrr anns a' chiad dol a-mach,'' thuirt Mgr Manford.
Ceistean
Tha Mgr Manford ag iarraidh soilleireachd air cò a bheachdaich air inhbhe SAC dha na h-uisgeachan an ear air Miughlaigh bho thùs.
''Chaidh a ràdh rinn gur e an Rionn Eòrpa a dh'iarr seo ach cha d'fhuair sinn fianais sam bith a sheall sin dhuinn.
''Tha ceistean mòra a' tighinn am bàrr a chaidh a thogail iomadach uair a dh'fheumas a fhreagairt,'' thuirt e.