Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drochshìde

Tha mòran de chost an ear na h-Alba a fulang le gèile agus uisge tròm. Tha mu mhìle dachaigh gun dealain eadar Taobh Tatha agus Obar Dheathain. Tha rabhadh oifigeal ann air tuilltean ann an Lodainn 's na Crìochan agus tha drochaidean Cheasaig, Foirthe, Tatha agus Erskine dùinte do charbadan mòra. Air a' Ghàidhealtachd tha an A82 dùinte gach taobh eadar Drochaid an Aonachain agus Inbhir Garadh far an do thuit craobh. Tha poilis a' stiùireadh an trafaig ann an sin ach bu chòir dhuibh an sgìre sin a sheachnadh. Agus tha e a' toirt buaidh cuideachd air mòran de na seirbheisean aiseig an-diugh. Chan eil seòlaidhean eadar Loch na Madadh agus Ùige an-dràsta, eadar Malaig agus Armadal air an neo Malaig agus na h-Eileanan Beaga. Atharrachadh cuideachd air a' chlàr-ama eadar an t-Oban, Bagh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail. Agus tha mòran dha na seirbheisean eile le rabhadh gu faodar an cuir dheth an-diugh fhathast.

Figearan Eucoir

Tha figearan bho Riaghaltas na h-Alba a' sealltainn gu bheil cha mhòr an dàrna leth a thèid an saoradh às a' phrìosan ann an Alba air an dìteadh son eucoir eile an taobh a-staigh dà bhliadhna. Ach tha an ìre de dhìteadh an dàrna turas, aig 42%, nas ìsle na bha e air a' bhliadhna ron a sin.

Abu Hamza

Tha am BBC a' tuigsinn gur i a' Bhan-righ fhèin a thog cùis a' chlèirich Abu Hamza leis an Riaghaltas. Tha e coltach gun do dh'fhaighnich i carson nach b'urrainn a chuir dìreach dha na Stàitean Aonaichte, far a bheil e fo chasaid mu cheannarc. An dè as deidh ochd bliadhna de strì laghail chuir Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna às dhan chead a dh'iarr e airson tagadh deireannach a dhèanamh.

Anndra Midseal

Dh'fhoillsich an Daily Telegraph leabhar-latha nam poileas ris an robh Àrd-chuip an Riaghaltais, Anndra Mitchell, a' connspaid aig Sraid Downing an t-seachdainn seo chadh. Tha an cunntas sin ag aontachadh ris na h-aithrisean gu'n do chleachd Mgr Mithchell droch chainnt agus am facal 'pleb'. Tha esan air a bhith a' dol as aicheadh.

Miùghlaigh SAC

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh ag iarraidh air Ministear ùr na h-Àrainneachd ann an Riaghaltas na h-Alba rannsachadh neo-eisimeileach a dheanamh air mar a chaidh uisgeachan an ear air Miùghlaigh a thaghadh airson sgìre ghlèidhte SAC. Chuir Dòmhnall Manford litir gu Pòl Wheelhouse 's e ag ràdh gu bheil mòran cheistean rim freagairt fhathast 's gu feum rannsachadh neo-eisimeileach a bhith ann airson 's gum bi earbsa aig an t-sluagh sa phròiseas.