Ath-sgrùdadh ga iarraidh mu SAC
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Other
Tha SNH ag ràdh gur ann air sgàth nan sgeirean tearca corail a chaidh an sgìre a thaghadh.
Tha fear de chomhairlichean Bharraigh ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air mar a chaidh sgìre den mhuir faisg air Miughlaigh a thaghadh airson sgìre ghlèidhteachais.
Tha Dòmhnall Manford ag ràdh gu bheil dragh mòr air an t-sluagh, agus mì-earbsa aca ann an Dualchas Nàdair na h-Alba a chruinnich am fiosrachadh a lean chun a' cho-dhùnaidh.
Tha SNH ag ràdh gur ann air sgàth nan sgeirean tearca corail a th' anns an sgìre a chaidh a taghadh.
Tha Mgr Manford ge-tà, ag ràdh gun robh a' bhuidheann a' leantainn a' chlàr-ghnothaich aca fhèin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh