"Leudachadh" do raon Uibhist

Chuala coinneamh a chùm Buidheann-ghnìomh Raon Rocaidean Innse Gall Dimàirt gu bheil cùisean a' coimhead fìor mhath dhan raon.

An-dràsta, tha an MOD a' cosg mòran ionmhais a' leasachadh uidheamachd ann an Uibhist agus Hiort.

Thuirt Aonghas MacIlleMhaoil bhon bhuidhinn gu bheil an raon a' sìor leudachadh, agus gu bheil geallaidhean a chaidh a thoirt seachad mu dheidhinn a' tighinn gu bith.

Ach bha a' choinneamh mothachail gu bheil mòran aca le dhèanamh fhathast air targaid eile - eaconomaidh Uibhist a leasachadh.

Tha sin na amas seach gu bheil an eaconomaidh air a bhith gu mòr a' crochadh air an raon.