Ceist mu Bhùth Ratharsair
- Air fhoillseachadh

Thèid faighneachd do mhuinntir Ratharsair aig coinneimh phoblaich oidhche Chiadain a bheil iad airson bùth an eilein a ghabhail thairis.
Tha am boireannach aig a bheil a' bhùth an-dràsta ga reic 's i a' leigeil dhith a dreuchd san Dùbhlachd.
Tha beachd ann gum faodadh a' choimhearsnachd a gabhail thairis agus a cumail a' dol.
Uallach
Tha uallach air cuid sa choimhearsneachd nach ceannaich cuideigin a' bhùth agus gum bi an t-eilean air fhàgail às aonais goireas riatanaich.
Thuirt Calum Don MacAoidh, a tha a' fuireach an Ratharsair, gur e rud uabhasach a bhiodh ann mur a bi bùth air an eilean.
''Nan dùineadh a' bhùth 's e droch bhuille a bhiodh ann dhan eilean," thuirt e.
''Chan eil drochaid ann agus bhiodh cosgais mhòr air na h-eileanaich airson an rud as lugha fhaighinn lethid phàipearan, arain agus bainne.
"Na rudan a bhios daoine a' ceannachd gu làitheil," thuirt e.
Co-chomann
Aig a' chionneimh tha dùil gun cuir oifigearan leasachaidh an cèill na ceumanan a dh'fheumas a' choimhearsneacdh gabhail gus a' bhùth a ghabhail thairis.
Thuirt Mgr MacAoidh:
''Mur a ceannaich cuideigin a bhùth feumaidh sinn co-chomann a chur air chois agus a bhith ga ruith mar sin.
''Tha an tè leis a bheil a bhùth an-dràsta leagte gu leòr le sin agus an togallach a thoirt dhuinn air màl gus am faigh sinn àite eile airson na bùtha."