Slighean ChalMac gan cumail còmhla

  • Air fhoillseachadh
Bàt-AiseigTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Cha bhi slighean Chal Mac air an sgarradh ann am pròiseas tairgse.

Tha BPA nan Eilean Siar air fàilte a chur air an naidheachd nach tèid seirbheisean aiseig nan Innse Gall is Cluaidh a-mach gu tairgse air cùmhnantan eadar-dhealaichte.

Thàinig dearbhadh air a' chùis bho Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gun tèid cùmhnant eadar-amail, a mhaireas trì bliadhna, a chur an sàs do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.

Thèid an cùmhnant a-mach gu tairgse ann an 2014, is dùil gun tòisich e ann an 2016.

Coileanadh

Thuirt Alasdair Allan BPA:

''Tha na thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Keith Brown, an diùgh a' coileanadh a' ghealltanais a thug am Prìomh Mhinistear seachad bho chionn ghoirid nach tèid slighean aiseig a sgarradh ann am pròiseas tairgse airson seirbheisean aiseig nan Innse Gall is Cluaidh.

''Tha Riaghltas na h-Alba gu follaiseach air a bhith a' cur nan seirbheisean a-mach gu tairgse mar a rinn riaghaltasan eile.

''Tha dòchas ann gum bi cùisean nas seasmhaiche san àm ri teachd leis mar a chuir an Riaghaltas am pròiseas air ais gu 2016 agus le bhith ag iarraidh cead bho Coimisean na h-Eòrpa faid nan cùmhantan a leudachadh gu barrachd air sia bliadhna,'' thuirt e.