Oidhirp air Bùth Ratharsair a cheannach
- Air fhoillseachadh

Tha a' bhùth stèidhichte ann am baile Inbhir Àrais, aig ceann a deas an eilein.
Cho-dhùin muinntir Ratharsair gu bheil iad airson oidhirp a dhèanamh gus bùth an eilein a cheannach.
Aig coinneimh phoblaich oidhche Chiadain, dh'aontaich na h-Eileanaiach co-chomann a chur air dòigh gus beachdachadh air an dòigh air-adhart son a' bhùth a cheannach agus a ruith iad fhèin.
Bha 40 duine an làthair aig a' choinneimh.
Tha am boireannach leis a bheil a' bhùth an-dràsta ag ràdh gu bheil i airson a reic, 's i a' leigeil dhith a dreuchd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 An t-Sultain 2012