Oidhirp air urrasan oighreachdan

Taigh Mòr na Comraich Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chan eil duine de bhuill an dà urrais a' fuireach anns na sgìrean.

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba air an taic a chur ri beachd na buidhne Land Action Scotland, gum bu chòir leigeil le muinntir Eilein Bhòid agus na Comraich ballrachd a ghabhail anns na h-urrasan a tha a' ruith oighreachdan nan sgìrean.

An-dràsta, tha na h-oighreachdan air an ruith le daoine nach eil a' fuireach anns na coimhearsnachdan.

Tha a' bhuidheann Land Action Scotland ag ràdh nach eil cùisean idir deamocrataigeach leis gu bheil na h-oighreachdan fo sgèith bhuidhnean carthannais.

Tha 28,000 acair fearainn aig Urras Beinn Stiùbhairt air Eilean Bhòid, agus an t-urras air a ruith le còignear de theaghlach Marcuis Bhòid.

Chan eil duine aca a' fuireach san eilean.

Tha 61,000 acair-fearainn aig Urras na Comraich, 's e air a ruith le seachdnar, le Ridseard Wills, à Andover ann an Hampshire, aig an stiùir.

Chan eil duine aca a' fuireach air a' Chomraich.

Chuireadh còrr is 90 iarrtas bho bhuill den phoball a-steach gu oifisean clàraichte nan companaidhean ann an Dùn Èideann Diciadain 26mh an t-Sultain, airson còirichean ballrachd fhaighinn.

Thathas ag amas, ma shoirbhicheas leis an iomairt, gun obraich na buill ùra seo còmhla ri buill den choimhearsnachd airson na h-oighreachdan a thoirt fo shealbh muinntir an àite.

Tha na h-iarrtasan air tighinn bho dhaoine a tha a' fuireach air feadh na h-Alba, a thuilleadh air na sgìrean air a bheileas ag amas.

"'S e leasachadh fìor inntinneach a tha seo," thuirt Dàibhidh Camshron, bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

"'S e fear de bhun-phrionnsabalan Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gur ann bho na coimhearsnachdan iad fhèin dh'fheumas sealbh-fearainn coimhearsnachd tighinn.

"Mar sin dheth, ma tha coimhearsnachdan Bhòid agus na Comraich airson na h-iomairt seo, mar dhòigh air smachd fhaighinn air an fhearann iad fhèin, cuiridh sinne taic riutha," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile