BBC Naidheachdan

Fireannach à dhìth

Published
Tha heileacoptair aig Feachd an Adhair, na poilis agus sgiobannan teasairginn a' coimhead airson fireannach, 71, a chaidh a dhìth ann an sgìre Bhaile Ùr nan Granndach.
Chaidh an duine fhaicinn mu dheireadh faisg air a dhachaigh feasgar Diciadain.
Tha na sgiobannan a tha ga shireadh a' coimhead taobh a-muigh a' bhaile agus timcheall air Uisge Spè.
Tha am fireannach còig troighean agus deich òirlich a dh'àird agus tha am falt aige a' liathadh.
Bha aodach dorch agus brògan geala air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.
Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn bruidhinn ris na poilis.