Ionad-fòn air Ghàidhealtachd a' dùnadh

Herotsc Image copyright Andrew Smith
Image caption Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air a bhith a' cuideachadh luchd-obrach dreuchdan ùra a shireadh.

Dùnaidh ionad-fòn HEROtsc san Aghaidh Mhòir Dihaoine, a' fàgail gun caill 85 neach an cuid obrach.

Tha seo a' tighinn às dèidh don chompanaidh cùmhnant a bha aca le HSBC a chall, 's cha d'fhuair iad cùmhnant sam bith eile na àite.

Aig toiseach na bliadhna, bha còrr 's 100 neach ag obair aig ionad-fòn HEROtsc san Aghaidh Mhòir.

Bha an luchd-obrach a' dèanamh obrach don bhanca HSBC.

Tàmailteach

Anns a' Ghiblean, dh'fhoillsich HSBC gum biodh iad a' cur às dhan chùmhnant a bha aca le ionad-fon HEROtsc 's iad a' feuchainn ri airgead a shàbhaladh.

Chaidh innse do luchd-obrach Diardaoin nach deach cùmhnant eile a lorg.

Thuirt àrd-oifigear HEROtsc, Daibhidh Turner, gun robh e duilich dha-rìribh mu na bh' air tachairt 's gur e là dorcha a bh' ann do mhuinntir na h-Aghaidh Mòire.

Thuirt e cuideachd gun robh e gu sònraichte tàmailteach gun robh dùil ri cùmhnant le companaidh eile ach gun robh cùisean air a dhol ceàrr aig a' mhionaid mu dheireadh nuair a chaidh companaidh ann am baile eile a thaghadh airson na h-obrach.