BBC Naidheachdan

Sgoilearan Chaol Acainn a' feitheamh air fios

Published
image captionChan eil dùil gun cosgadh an t-atharrachadh mòran don Chomhairle.

Bidh fios tràth an ath-bhliadhna am faigh clann-sgoile ann an Caol Acainn cead oifigeil a dhol dhan àrd-sgoil as fhaisge orra seach a bhith a' siubhail astar mòr.

Fo na riaghailtean a th' ann an-dràsta feumaidh am pàrantan cuid de na cosgaisean-siubhail a phàigheadh ma thèid iad dhan Phloc seaach a Phort Rìgh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh beachd an t-sluaigh mu mholadh Bun-sgoil Chaol Acainn a chur taobh a-staigh sgìre Àrd-sgoil a' Phluic.

Tha a' Chomhairle mar thà a' ruith bhusaichean eadar an Caol agus am Ploc, agus chan eil dùil gun cosgadh an t-atharrachadh mòran don Chomhairle, agus feum bus a thoirt thar na drochaid a-mhàin.