Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Sultain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neapàl

Bha tubaist-plèana ann am prìomh bhaile Neapàil, Kathmandu, anns an deach 19 duine, a h-uile duine a bh' air bòrd, a mharbhadh. Thuirt oifigich anns an sgìre gun robh seachdnar à Breatainn nam measg, ach chan eil dearbhadh oifigeil ann air sin. Thàinig am plèana a-nuas goirid an dèidh dhi falbh air slighe gu Lukla ann an sgìre Everest.

Bun-phrìs an Deoch-làidir

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh làn-dùil aca gun togadh dùthchannan eile ceistean agus teagamhan mun phlana airson bun-phrìs air deoch-làidir. Tha aithrisean ann gun cuir an t-Aonadh Eòrpach tagradh laghail air dòigh, leis gu bheil dragh orra mu riaghailtean malairt chothromaich. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil bun-phrìs cothromach air adhbharan sòisealta agus slàinte.

An Triuthach

Bidh boireannaich air feadh Bhreatainn aig a bheil dùil ri leanabh a' faighinn banachdach an triuthaich bho thoiseach na seachdain seo tighinn. Tha cùisean den ghalar air a dhol suas bho 61 ann an 2011, gu còrr is 1,000 air a' bhliadhna seo mar thà, agus 65 cùis dhiubh sin am measg chloinne nas òige na sia mìosan.

Maoir-chladaich Fhoirthe

Tha stèisean Mhaor-cladaich Fhoirthe a' dùnadh an-diugh, agus an obair a' gluasad à Crail ann am Fìobha gu Obar Dheathain. Thuirt Buidheann nam Maor-cladaich nach toir e buaidh sam bith air sàbhailteachd, agus nach bi seirbheis nas lugha ann.

Prìosanach

Dh'iarr Poilis air Ghàidhealtachd cuideachadh 's iad fhathast a' coimhead airson prìosanaich a theich bho thogalach na Cùirte ann am Baile Dhùbhthaich na bu tràithe air an t-seachdain. Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath nach eil Mìcheal Davidson cunnartach, ach gum bu chòir a sheachnadh. Bha e an cùram na companaidh tèarainnteahd G4S nuair a theich e tro uinneig.

An Aghaidh Mhòr

Dùnaidh ionad fiosrachaidh fòn HEROtsc anns an Aghaidh Mhòir, agus caillidh faisg air 100 duine an cosnadh. Chaill a' chompanaidh cùmhnant a bh' aca le HSBC, agus dh'fhailich orra obair eile fhaighinn an àite sin.