Dragh mu sheirbheis smàlaidh Shlèite

Carbad-smàlaidh
Image caption Chan fhaod na saor-thoilich san là a th' ann a bhith ag obair air teine taighe.

Tha dragh ann an Slèite san Eilean Sgitheanach gum bi an sgìre às aonais seirbheis smàlaidh mur a tèid tuilleadh dhaoine an sàs ann gu saor-thoileach.

Bidh coinneamh phoblach an t-seachdain seo ag iarraidh air daoine a dhol an sàs.

Tha an t-seirbheis a' crochadh air daoine bhon choimhearsnachd a bhith deònach pàirt a ghabhail ann gu saor-thoileach.

"Tha mi cinnteach, 's dòcha gu bheil pàirt aige ri dhèanamh ri, san là an-diugh, chan eil e cho soirbh daoine fhaighinn a chailleas dòrlach ùine far na h-obrach aca airson falbh a chur a-mach falaisgearan 's rudan mar sin," thuirt Donaidh MacFhionnghainn, a bha fad 20 bliadhna na bhall den t-seirbheis san sgìre.

Astar

"Faodaidh tu a bhith a-muigh 's dòcha fad feasgair agus fad oidhche ag obair orra.

"Ach tha mise dusan bliadhna air falbh bhuaithe a-nise agus tha gnothaichean air atharrachadh cho mòr ri linn slàinte 's sàbhailteachd.

"Tha na riaghailtean air atharrachadh cho mòr. Na saor-thoilich, chan fhaod iad a dhol faisg air teine taighe.

"Ged a tha inneal math dha-rìribh aca a-niste ann an Slèite, chan fhaod iad ach a dhol gu, cha chreid mi, tubaist-rathaid agus obair falaisgearan.

"Leis na riaghailtean a th' ann, dh'fheumadh iad barrachd trèanaidh fhaighinn airson a bhith ag obair le uidheamachd anail.

"'S feumaidh iad falbh air chùrsaichean airson sin, 's tha sin a' ciallachadh gum feum iad a bhith air falbh airson dòrlach làithean.

"Tha e gu math doirbh, chan eil e soirbh faighinn dheth.

"Bhiodh e glè mhath nam biodh an cead aca a bhith ag obair air teineachan taighe a-rithist, agus gum biodh iad ann an Àird a' Bhàsair no ann an Armadail, airson mus ruig thu an Àird 's e astar a th' ann às an Ath Leathann," thuirt e.