Joint Warrior a' tòiseachadh
- Published
Tòisichidh an eacarsaich airm as motha san Roinn Eòrpa far chosta taobh siar na h-Alba Diluain.
'S e an amas na h-eacarsaich, air a bheil Joint Warrior, feachdan NATO a thrèanadh a chum cogadh.
Bithear a' cumail na h-eacarsaich dà thuras sa bhliadhna - sa Ghiblean agus san Damhair.
Os cionn sgìrean sònraichte den Ghàidhealtachd agus de na h-Eileanan, bidh na speuran làn de dh'itealain chogaidh
Bidh sgioba de shoithichean às na Stàitean Aonaichte a' gabhail pàirt anns an eacarsaich.