Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neo-eisimeileachd na h-Alba

Dh'aidich Ed Miliband gur dòcha gun soirbhich leis an SNP san referendum air Neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014. Thuirt ceannardan Làbarach ri buill Albannach aig co-labhairt a' phàrtaidh ann am Brighton gum faodadh Alba a bhith neo-eisimeileach, ach gum biodh an Rìoghachd Aonaichte nas miosa dheth mar thorradh air sin.

Dachaighean Saora

Tha na Làbaraich airson 100,000 dachaigh aig prìs chothromaich a thogail a' cleachdadh an airgid a thigeadh bho reic cead fònaichean-làimhe 4G. Agus innsidh an Seansalair Làbarach, Ed Balls, dhan cho-labhairt gum bu chòir faochadh fad dà bhliadhna bho Chìs Stamp a bhith ann do dh'fheadhainn a tha a' ceannach dachaigh luach suas gu £250,000 airson a' chiad uair.

Peinseanan

Tha atharrachadh mòr a' tighinn air siostam nam peinsean bho an-diugh, agus na milleanan de luchd-obrach gan cur gu sgeama ùr anns an àite-obrach. Bidh luchd-obrach a' pàigheadh dhan sgeama às an tuarastal fhèin, agus a' chompanaidh dha bheil iad ag obair a' cur airgid ris a bharrachd air sin.

Afganastan

Chaidh triùir de dh'fheachdan NATO agus eadar-theangaiche dhaibh a mharbhadh ann an ionnsaigh fhèin-mhairbhtich air taobh sear Afganastan. Chaidh sianar shìobhaltach agus ceathrar oifigear poilis a mharbhadh cuideachd, nuair a bhuail am boma ann am buidhinn de charbadan le NATO.

Urras na Comraich

Tha e air tighinn am follais, ged a dh'iarr 86 duine ballrachd air Urras na Comraich, nach buin duine dhiubh don sgìre sin. Tha LandAction Scotland ag iarraidh air daoine ballrachd iarraidh anns na h-urrasan carthannais a tha a' ruith Oighreachd na Comraich agus Oighreachd Eilein Bhòid. Ach cha do dh'iarr duine às a' Chomraich ballrachd san Urras, ged a tha Companaidh Coimhearsnachd na sgìre a' gearain gu bheil an t-urras sin a' cur bacadh air leasachadh anns an sgìre.

Cupa Ryder

Tha uallach airson farpais ghoilf Cupa Ryder ann an 2014 a-niste air Alba an dèidh dhan sgioba Eòrpaich soirbheachadh ann an Chicago. Bidh an fharpais ann an 2014 aig Gleann Eagais, agus tha Riaghaltas na h-Alba a' tomhais gun cuir sin mu £100m ris an eaconamaidh.