Uard dùinte san Rathaig Mhòr son obair glanaidh

Bidh uard 4C dùinte son 24 uairean.

Tha NHS na Gàidhealtachd air uard 4C ann an Ospadal an Rathaig Mhòr ann an Inbhir Nis a dhùnadh fad 24 uairean 's obair glanaidh a' dol air adhart ann.

Tha trioblaidean air a bhith aca leis a' ghalar Clostridium-difficile o chionn ghoirid 's thathas an dòchas gun toir an glanadh seo pìseach air cùisean.

Anns na beagan mhìosan a dh'fhalbh, tha cuid de dh'euslantaich ann an uard 4C ann an ospadal an Rathaig Mhòr air a bhtih a' fulang leis a' ghalar Clostridium-difficile.

Hydrogen Peroxide

A-nis tha NHS na Gàidhealtachd a' dol a dh'fheuchainn ris an uard a ghlanadh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

An turas seo, bidh iad a'cleachdadh smùid Hydrogen Peroxide.

A-rèir choltais, tha an dòigh-glanaidh seo gu sònraichte math airson an làr agus ballachan a ghlanadh.

Thathas ag ràdh nach tèid an dòigh-glanaidh a tha seo a chleachdadh an àite dhòighean-glanaidh eile ge-tà.

Tha an t-ospadal ag ràdh gum bi an dà chuid a' dol air adhart airson dèanamh cinnteach gu bheil an uard glan.