Àireamh bheag dhaoine aig coinneimh na comhairle
- Published
Cha robh ach 30 duine aig coinneamh le Comhairle na Gàidhealtachd oidhche Luain agus sgrùdadh ga dhèanamh air buidseat an ùghdarrais.
Chaidh sreath de choinneamhan a chur air dòigh air a' mhìos sa chaidh.
Tha a' chomhairle a' sìreadh bheachdan an t-sluaigh air an dòigh as fheàrr airgead a chùmhnadh.
Feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd beagan agus £17m a shàbhaladh san dà bhliadhna a tha romhainn.
Beachdan
Mar phàirt den phròiseas aca gus co-dhùnaidhean a dheànamh air càite am bu chòir dhaibh airgead a chùmhnadh, chùm iad sreath de choinneamhan air feadh na Gàidhealtachd.
Bhathas airson beachdan nan coimhearsnachdan fhèin fhaighinn air a' chùis.
Chaidh 4 diofar roghainnean a chuir mu choinneamh an t-sluaigh air càite am faodadh an t-ùghdarras ionadail airgead a shàbhaladh.
Foghlam
Nam measg bha foghlam, agus iad a' moladh leth uair a thìde a ghearradh far an là-sgoile do chloinn ann an clas 4 gu 7 sa bhun-sgoil.
Bhiodh sin a' fagail nach fheumadh iad na h-uidhir de luchd-teagaisg.
Bha seo am measg feadhainn de na beachdan ris nach do dh'aontaich mòran.
Thuirt Ceannard na Comhairle, Drew Hedry gun tèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na beachdan a thog ceann mus tèid co-dhùnaidhean sam bith a ruighinn.