Cead son leudachadh tuath-gaoithe

  • Air fhoillseachadh

Dh' aontaich Riaghaltas na h-Alba ri planaichean airson leudachadh air tuath-gaoithe Loch Luicheart faisg air Gairbh ann an Siorrachd Rois.

Theid 6 cruinn ghaoithe eile a chur ris an sgeama, ann an sgìre far a bheil cruinneachadh cho mòr de thuathan gaoithe 's th' ann an ceann a tuath na h-Alba.

Ghabh Riaghaltas na h-Alba ann an 2008 ris a' chiad dreach den phlana son 17 cruinn aig Loch Luicheart.

Agus fiù 's mus do thòisich an obair air sin dh'iarr a' chompanaidh Infinergy cead son 6 crann eile agus fhuair iad sin Dimàirt.

Prothaid

Bheir an leudachadh seo comas dhan tuath-gaoithe air 69 megawatt a chumas dealain ri 32,000 dachaidh.

Thèid beagan den phrothait, na h-uimhir de mileanan notaichean, a thoirt air ais dhan choimhearsnachd fad na 25 bliadhna a sheasas an tuath-gaoithe.

Thèid tuath gaoithe eile de 19 crann a thogail faisg air làimh aig Coire Mùillidh.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Fergus Ewing, gun cruthaich an leudachadh aig Loch Luicheart obair anns a' choimhearsnachd agus gun geàrr e air ais air na tha de charbon a' dol dhan iarmailt.