Gearradh mhinistearan is co-amladh choithionalan

  • Air fhoillseachadh
Eaglais na h-Alba ann am Port RìghTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Bhiodh pàirt de choithional Shniothasoirt a' dol còmhla ri Port Rìgh.

Tha connspaid ann mu phlana Eaglais na h-Alba airson na tha de mhinistearan agus de choithionalan ann an Clèir Loch Carrann 's an Eilein Sgitheanaich a lùghdachadh.

Gheibh na coithionalan cothrom eile beachdachadh air na planaichean aig deireadh na mìos.

Chaidh aontachachadh Dimàirt ri plana connspaideach fo an tèid an àireamh de mhinistearan a ghearradh bho 9 gu 7.7 tro thìde, mar a tha na ceannardan an Dùn Èideann ag iarraidh.

Dheadh cuideachd coithionalan an Ath Leathainn 's Shlèite, Chaol Loch Aillse, Chinn t-Sàile agus Ghlinn Eilge a chur còmhla mar aon choithional.

Ach tha a' chonnspaid as motha ann mun mholadh airson coithional Shniothasoirt a sgaradh na thrì pìosan.

Bhiodh aon earrainn a' dol còmhla ri Port Rìgh, earrainn eile còmhla ri Cille Mhoire 's Stèinnseal, agus pìos eile a' dol còmhla ri Bracadal 's Diùirnis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh