Poilis a' sireadh fiosrachaidh an Ceann a' Ghiuthsaich

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh bhon phoball às dèidh mar a stad seann fhireannach a chàr 4X4 a bhruidhinn ri nighean 13 bliadhna de dh'aois ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Thachair e aig bun Bhràighe Tait, faisg air Rathad Bhail' Ùr an t-Slèibhe, eadar 4:30f agus 4:40f, Dimàirt 2na an Damhair.

Cha deach cron sam bith a dhèanamh air an nighinn, agus dh'fhalbh an carbad. Thathas a' tuigsinn gun robh an carbad dearg, agus gur dòcha gur e Range Rover a bh' ann, no 4X4 coltach ris.

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu fhireannach mu 70 bliadhna de dh'aois, le falt liath, coltas fàiligeach air, agus innealan claisneachd na dhà chluais.

Thathas cuideachd a' tuigsinn gun robh ad agus aodach "spaideil" air.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine dhan aithne cò an duine seo bruidhinn ris an stèisean aca anns an Aghaidh Mhòir air 01479 810222, no gun cuir am fireannach fhèin fios orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile