Iomairt son Ceannard-sgoile le Gàidhlig

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha an sgoil air a bhith às aonais ceannaird mhaireannaich o 2009.

Thòisich iomairt air Facebook agus Twitter an aghaidh ceannard gun Ghàidhlig a chur os cionn Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha Comann nam Pàrant an Inbhir Nis ag ràdh nach biodh e iomchaidh idir an obair a thoirt làn-ùine do chuideigin aig nach bi an cànan.

Tha e air faileachadh air a' Chomhairle duine a bhruidhneas Gàidhlig a chur dhan dreuchd bho chionn trì bliadhna.

Bidh agallamhan ann a dh'aithghearr an dèidh dhaibh sanas a chur a-mach ag ràdh gun gabhadh iad ri duine a bhiodh deònach an cànan ionnsachadh.

Agallamhan

Bho leig Seònaid NicLeòid dhith a dreuchd ann an 2009, tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air a bhith às aonais ceannaird mhaireannaich.

Tha Annika Jannsen, a bhuinenas dhan t-Suain, air a bhith a' ruith na sgoile gu h-eadar-amail bho chionn còrr 's dà bhliadhna.

Ged nach eil an cànan aice fhèin, tha a' chlann aice san sgoil Ghàidhlig.

Bidh agallamhan ann às dèidh saor-làithean na sgoile air a' mhìos seo airson ceannard làn-ùine a thaghadh.

Cha chanadh a' Chomhairle cò bha a-staigh airson na h-obrach no an robh Gàidhlig aca.

Tha Comann nam Pàrant air a dhèanamh soilleir tron iomairt aca air-loidhne nach bu chòir an dreuchd a thoirt do neach gun Ghàidhlig.

Tha ceist ge-tà, leis gun do dh'fhailich e air a' Chomhairle thuige seo duine fhaighinn le Gàidhlig airson na dreuchd, co-dhiù bi roghainn aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile