BBC Naidheachdan

Dithis mhinistear a' fàgail Eaglais na h-Alba

Published
image copyrightPA
image captionCho-dhùin Eaglais na h-Alba an-uiridh gabhail ri ministearan gèidh a bha fosgailte, agus air a bhith san eaglais ro 2009.

Tha dithis mhinistear eile air Eaglais na h-Alba fhàgail 's iad air gluasad dhan Eaglais Shaoir.

Dh'fhàg iad air sgàth buaireadh a thaobh mhinistearan gèidh.

Nochd An t-Urr. Pòl Gibson, bho coithionnal Bhaile Dhùthaich 's an t-Urr. Ruairidh Moireasdan, a leig a dhreuchd seachad mus do ghluais e, aig coinneamh Choimisein an Àrd-Sheanaidh ann an Dùn Èideann oidhche Chiadain.

Cho-dhùin Eaglais na h-Alba an-uiridh gun gabhadh iad ri ministearan gèidh, ma 's e 's gun robh iad fosgailte mu dheidhinn 's gun robh iad air a bhith san eaglais ro 2009.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Eaglais na h-Alba (Beurla)

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh