Ospadal an Ath Leathainn fhathast dùinte
- Air fhoillseachadh

Tha an ospadal dùinte do dh'euslaintich ùra agus do luchd-tadhail.
Tha Ospadal an Ath Leathainn, san Eilean Sgitheanach, fhathast dùinte do dh'euslaintich ùra 's tinneas air bualadh air euslaintich 's luchd-obrach.
Tha NHS na Gàidhealtachd amharasach gur e Noro-bhìoras a th' orra.
Tha dithis euslainteach 's 14 den luchd-obrach air a bhith tinn leis.
Thuirt an t-àrd-nurs, Chrisann O' Halloran, gu bheil iad an dòchas fosgladh a-rithist air an deireadh-sheachdain.