Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

April Jones

Chuir uisge trom agus tuiltean maill air Poilis a chuir an treas oidhche seachad a' coimhead airson April Jones, an nighean bheag a chaidh a thoirt am bruid ann am baile Machynlleth ann am meadhan na Cuimrigh oidhche Luain. Chaidh April, a tha 5 bliadhna de dh'aois agus air a bheil cerebral palsy, fhaicinn a' falbh ann an carbad. Tha na Poilis fhathast a' ceasnachadh Mark Bridger, a tha 46, agus a bhuinneas dhan sgìre.

Siria

Thuirt NATO gun do rinn Siria briseadh follaiseach air lagh eadar-nàiseanta le sligean mòrtair a losgadh thar na crìche gu ruige na Tuirce. Chaidh còignear a mharbhadh air taobh na Tuirce, a fhreagair le sligean bho ghunnaichean mòra a' losgadh air targaidean ann an Siria. Bidh an UN a' deasbad na cùise an-diugh fhathast.

Loidhne Rèile a' Chosta an Iar

Thuirt fear a bha na cheannard air an t-seirbheis chatharra gu bheil e ceàrr do mhinistearan an Riaghaltais a bhith a' cur coire gu poblach air seirbheisich chatharra airson na butarais mu sheirbheis rèile prìomh loidhne a' chosta an iar. Dh'aidich am Morair O'Donnell, a dh'fhàg a dhreuchd mar Rùnaire a' Chaibineit nuair a thàinig Riaghaltas na Co-bhanntachd gu bith, gu bheil a' chùis a' togail cheistean ge-tà mu chomasachd aig an t-seirbheis chatharra.

Jeremy Forest

Thuirt cùirt san Fhraing gum faod tidsear à Breatainn a thilleadh dhan dùthaich seo a fhreagairt chasaid gun tug e leanabh am bruid. Chaidh Jeremy Forest a chur an grèim ann am Bordeaux Dihaoine seo chaidh, seachdain an dèidh dha teicheadh dhan Fhraing còmhla ri nighean-sgoile à Eastbourne ann an Sussex, Megan Stammers, a tha 15 bliadhna de dh'aois.

Ministearan Gèidh

Tha dà mhinistear eile air gluasad dhan Eaglais Shaoir bho Eaglais na h-Alba 's iad mì-thoilichte mu cheist nam ministearan gèidh. Dh'fhàg an t-Urr. Pòl Gibson Coithional Bhaile Dhùthaich an-uiridh, agus bha an t-Urr. Ruairidh Moireasdan air a dhreuchd a leigeil dheth mar mhinistear mus do ghluais e fhuair iad àite san Eaglais Shaoir aig coinneimh Choimisein an Àrd-Sheanaidh ann an Dùn Èideann an-raoir.

Ceannard-sgoile

Tha iomairt air Facebook a' cur an aghaidh ceannard gun Ghàidhlig fhastadh gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd ceannard le Gàidhlig fhaighinn, agus tha iad a' beachdachadh air ceannard làn-ùine gun Ghàidhlig a chur anns an dreuchd. Tha Comann nam Pàrant ann an Inbhir Nis a' cur an aghaidh sin leis an iomairt air Facebook.