Dàil air fastadh ceannard-sgoile
- Published
Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd dàil air agallamhan airson ceannard maireannach fhaighinn do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, 's e air faileachadh orra duine le Gàidhlig a lorg.
Tha Comann nam Pàrant ann an Inbhir Nis air iomairt a chur air chois air Facebook an aghaidh duine gun Ghàidhlig fhastadh dhan dreuchd.
Tha cuid de na pàrantan ag ràdh gu bheil faireachadh Gàidhlig na sgoile air a dhol air ais, agus nach i àrainneachd Ghàidhlig a th' ann tuilleadh, mar a bha nuair a bha ceannard le Gàidhlig oirre.
Tha cuid eile ge-tà, air a bhith a' cur taic ris a' cheannard eadar-amail, Anneka Jansen, a bhuinneas don t-Suain o thùs, agus nach bruidhinn Gàidhlig gu fileanta - ag ràdh gu bheil i air obair mhath a dhèanamh Gàidhlig aice no bhuaipe, agus gum bu mhiann leotha gun leanadh i mar cheannard.
Tha clann na B.Ph. Jansen anns an sgoil, agus tha i air a bhith a' ruith na sgoile fad dà bhliadhna.
Chaidh litir a chur gu pàrantan Diardaoin ag ràdh nach robh ach aon tagraiche ann airson na h-obrach, agus mar sin gum biodh dàil anns a' phròiseas.
Bha còir agallamhan a bhith ann deireadh na mìos seo.
Ach tha aon duine a bha a-staigh airson na h-obrach air tarraing a-mach, a' fàgail dìreach aon tè.
Ged nach eil a' Chomhairle ag ràdh anns an litir cò a th' ann, thathas a' tuigsinn gur i an ceannard eadar-amail Anneka Jansen a th' ann.
Tha a' Chomhairle ag ràdh anns an litir gu bheil dàil a' dol air a' chùis gu uaireigin anns an t-Samhain airson cothrom a thoirt air tuilleadh conaltradh le pàrantan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 4 An Dàmhair 2012