Seirbheis Smàlaidh Eileanach a' dùnadh
- Air fhoillseachadh

Is coltach gun dùin aonad-smàlaidh Shlèite san Eilean Sgitheanach ro dheireadh na bliadhna.
Tha an t-seirbheis air a bhith ga ruith le daoine saor-thoileach às a' choimhearsnachd.
Tha atharrachadh air tighinn air na dh'fhaodas iad dèanamh ri linn Slàinte is Sàbhailteachd.
Nuair a thòisich an t-seirbheis bhiodh na saor-thoilich a' dol gu teineachan taighe, ach o chionn beagan bhliadhnaichean, le trèanadh sònraichte a dhìth airson sin a-nis, cha robh e ceadaichte dhaibh ach a dhol gu tubaistean-rathaid agus falaisgearan monaidh.
Chan eil ùidh aig gu leòr anns a' choimhearsnachd a bhith an sàs ann, agus chan eil seirbheis air a bhith aca o chionn còrr is bliadhna.
Tha sin a dh'aindeoin oidhirp aig Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Tha dùil gun tig iad gu co-dhùnadh air an ath-mhìos gum bu chòir cur às don t-seirbheis san sgìre.