Moritorium air toirt air ais bheathaichean

Iolaire-Mhara Image copyright PA/RSPB
Image caption Chaidh an iolaire-mhara a thilleadh a dh'Alba à Nirribhidh.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathannach ann an Alba (NFUS) ag iarraidh gun tèid stad a chur air a bhith a' toirt bheathaichean a chaidh à bith ann an Alba air ais chun na dùthcha.

Tha iad ag iarraidh nach tèid càil a bharrachd de chreutairean a thilleadh a dh'Alba gus an dèanar rannsachadh iomlan air a' bhuaidh a tha an fheadhainn a thugadh air ais thuige seo a' toirt air an àrainneachd.

Bha an t-aonadh a' toirt seachad freagairt do cho-chomhairleachadh an Riaghaltais Albannaich air bith-iomadachd na h-Alba.

Thuirt iad, stèidhichte air an eòlas a th' aca, gum bu chòir moritorium a chur an sàs gus an tig dearbhadh air manaidsearachd làn-ùine agus maoineachadh nan iomairtean.

Gearradh Airgid

Thuirt iad cuideachd gu bheil gnothaichean co-cheangailte ri sin fhathast gun rèite air tuathannasan agus croitean a tha cugallach gu h-eaconamach.

Tha dragh air nochdadh bho am measg bhall an aonaidh mu bheathaichean leithid bhìobhairean agus iolairean-mara, a chaidh a leigeil ma sgaoil ann an Alba às dèidh dhaibh a dhol à bith o chionn iomadh bliadhna.

Tha an fheadhainn a tha air cùlaibh na h-iomairt gus na beathaichean a tilleadh, anns a bheil SNH gu mòr an sàs, ag ràdh gu bheil àrainneachd nàdarra na h-Alba briste, agus gu bheil na beathaichean seo mar phìosan air a bheil feum airson a càradh.

Ach tha tuathannaich draghail gun dèan na beathaichean cron air an fhearann agus air bàrr, agus gum bi rudan leithid iolairean-mara a' sealg an stuic aca.

Chaidh bìobhairean à bith ann an Alba o chionn còrr is 400 bliadhna, agus chaidh an iolaire-mhara mu dheireadh ann an Alba a mharbhadh ann an Sealtainn ann an 1918.

"O chionn ghoirid, tha buill air a bhith draghail mu iolairean-mara a bhith a' falbh le uain; tha an deuchainn oifigeil air bìobhairean a thilleadh a dh'Alba air a milleadh leis mar a chaidh bìobhairean a leigeil ma sgaoil gu mì-laghail ann an Taobh Tatha, agus tha na tha de dh'airgead ri fhaighinn do dhaoine air a bheil uallach dèiligeadh ris na tha de gheòidh san dùthaich air a ghearradh," thuirt an NFUS ann am brath-naidheachd.

"Thachair sin aig an aon àm 's a dh'fhàs na tha de gheòidh san dùthaich gu mòr, agus a' bhuaidh a tha iad a' toirt air talamh àitich air a dhol am meud nan cois."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile