BBC Naidheachdan

"Cha rachadh Linda Norgrove a mhurt"

Published
image copyrightForeign Office
image captionChaidh Linda a mharbhadh ann an 2010 nuair a dh'fheuch saighdearan Aimeireaganach ri a saoradh.
Thàinig e am follais gun deach innse do Linda Norgrove à Leòdhas, a bhàsaich an Afganastan bho chionn dà bhliadhna, nach robh an fheadhainn a bha ga cumail an grèim am beachd a mhurt.
Chaidh Linda, a bha 36, a mharbadh agus i ag obair do bhuidhinn chobhair san dùthaich.
Ann am prògram aithriseach, a thèid a chraoladh air BBC Alba aig 9:00f oidhche Luain, cluinnear bho cho-obraichean Linda Norgrove, agus iad fhathast ag obair air pròiseactean cobhair ann an Afganastan.
Thuirt iad gun deach innse do Linda bho chionn dà bhliadhna nach deadh a murt.
Chaidh innse dhi gun robhas ga cumail an grèim a dh'aona-ghnothach leis gun robh iad ag iarraidh gun deadh prìosanaich reubaltach a leigeil ma sgaoil, agus nan tachradh sin, gun deadh i fhèin a shaoradh.
Tha am prògram cuideachd a' sealltainn dealbhan a thog Linda fhèin den fheadhainn a bha ga cumail an grèim, mus deach a marbhadh nuair a dh'fheuch saighdearan Aimeireaganach ri a saoradh.