Ceistean mu thuath-gaoithe Tholastaidh

Crainn-ghaoithe
Image caption Bhiodh 14 crainn-ghaoithe anns a' phròiseact ann an Tolastadh bho Thuath.

Tha fear de chomhairlichean Leòdhais ag ràdh nach eil e a' tuigsinn carson a tha luchd-stiùiridh puirt-adhair Steòrnabhaigh air ceistean a thogail mu choinneimh tuath-gaoithe ùir san sgìre.

Tha a' chompanaidh 2020 Renewables airson 14 crainn a chur suas faisg air Tolastadh bho Thuath.

Ach tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) ag ràdh gun toir e droch bhuaidh air innealan an radar.

"Tha a' mhòr-chuid a' faicinn na buannachd a bhiodh ann," thuirt Iain A. MacÌomhair.

Togalaichean Àrda

"Tha buannachd mhòr ann dhan choimhearsnachd. Tha buannachd ann do na h-uachdarain, tha buannachd ann dhan chomataidh bhaile, agus tha buannachd cuideachd gu bhith ann dhan choimhearsnachd air fad.

"Tha iad an dùil gum bi 42 Megawatt a' tighinn às an tuath-ghaoithe a tha seo, agus a' bhuannachd a tha gu bhith a' tighinn à sin dhan bhaile, tha e gu bhith mòr dha-rìribh.

"Tha buidhnean a tha gu bhith an aghaidh na cùise, agus chan eil mi a' tuigsinn ciamar.

"Tha HIAL a' cantainn gu bheil iad a' smaoineachadh gum bi iad a' cur an aghaidh an tuath-ghaoithe a tha seo.

"Tha mi toilichte a' faicinn SNH ag ràdh nach eil iadsan a' smaointinn gu bheil buaidh sam bith, no buaidh ro mhòr gu bhith aige air na h-eòin a tha timcheall.

"Tha iad a' dol a dhèanamh rannsachadh eunlaith eile an ath-bhliadhna.

"Ach tha HIAL agus 's dòcha an MOD cuideachd, tha iadsan ag ràdh gum bi iad iomagainneach mu dheidhinn seo a' dol air adhart, gun toir e buaidh air na rudan a bhios iadsan airson a dhèanamh. Ach chan eil mi a' faicinn ciamar.

"Nuair a chì thu air feadh na dùthcha, thèid sìos a Ghlaschu no Dùn Èideann, tha crainn-ghaoithe air feadh an àite.

"Tha togalaichean àrda timcheall air na puirt-adhair.

"Carson a tha seo a' dol a thoirt buaidh air Port-Adhair Steòrnabhaigh? Chan eil mi ga thuigsinn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile