Coinneamh mu Oighreachd nam Bàgh a cheannach
- Published
Bidh coinneamh ann an Leac an Lì anns na Hearadh an t-seachdain seo a bhruidhinn air oidhirp coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh a cheannach.
Bidh riochdairean ann bho Urras Cheann a Tuath na Hearadh agus Urras Taobh Siar na Hearadh gus ceistean a fhreagairt.
Aig coinneamh nas tràithe am bliadhna, chuir mòr-chuid taic ri dhol air adhart leis an iomart.
Bidh a' choinneamh ann an Talla Leac an Lì, oidhche Chiadain (10mh) aig 8:00f.
"A' cheist a thèid a chur Diciadain, 's e am b'fhiach dhuinn an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh an toiseach," thuirt Ceannard Comhairle Choimhearsnachd Cheann a Deas na Hearadh, Hamish Mac an Tàillear.
"Airson barrachd fiosrachaidh a bhith aig daoine airson an inntinn a dhèanamh an-àirde an uair sin na bu choileanta," thuirt e.