Dithis Eileanach gus nochdadh san Àrd-Chùirt fo chasaid muirt

Liam Aitchison. Pic: Northern Constabulary Image copyright Other
Image caption Cha do rinn an dithis tagradh sam bith nuair a nochd iad sa chùirt roimhe.

Thèid dithis às na h-Eileanan Siar dhan Àrd-Chùirt ann an Glaschu air an ath-mhìos fo chasaid gur iad a mhuirt deugaire à Uibhist a Deas.

Chaidh corp Liam Aitchison fhaighinn ann an togalach aig Stèidhnis faisg air Steòrnabhagh anns an t-Samhain an-uiridh.

Cha do rinn Ionatan MacFhionnnghain, a tha 22, agus Stefan Miller a tha 20, tagradh sam bith nuair a nochd iad sa chùirt ann an Inbhir Nis fo chasaid muirt, agus chaidh an saoradh air urras.