Fear ga thoirt às a' mhuir an Earra-Ghàidheal

Published
image copyrightother
image captionThugadh am fear às a' mhuir le bàta-obrach mus do ràinig am bàta-teasairginn.

Chaidh bàta teasargainn an Òbain a ghairm oidhche Luain às dèidh mar a thuit fear don mhuir aig marina san sgìre.

Thuirt labhraiche airson Mhaor-cladaich Chluaidh gun deach gairm èiginn a chur a-mach mu fhear san uisge aig marina Dhùn Stafhanais.

Thugadh às an uisge e le bàta-obrach, mus do ràinig am bàta teasargainn, 's chaidh a sgrùdadh le luchd-eiridinn.

Thuirt an labhraiche nach robh an duine air a leòn, 's nach robh feum aige a dhol dhan ospadal.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh