BBC Naidheachdan

Dragh gun sgap an galar Schmallenberg thar na crìcha à Sasainn

Published
image copyrightPA
image captionBheir an galair air stoc an àl a thilgeil tràth, 's ciorramachd air na thèid a bhreith beò.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ìmpidh ceumanan a ghabhail an aghaidh a' ghalair Schmallenberg a th' air nochdadh an Ceann a Tuath Shasainn.
Tha an galair a' toirt air stoc a bhith a' tilgeil an àl tràth, 's a' fàgail bheathaichean a thèid a bhreith beò le ciorramachd.
Thàinig e am follais an ceann a tuath Yorkshire agus Northumberland.
Thuirt Labhraiche nan Làbarach an Alba air an àrainneachd, Claudia Beamish, gum feum an Riaghaltas obrachadh còmhla ri DEFRA gus stad a chur air bho bhith a' sgapadh thar na crìche.