Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum na Neo-eisimeileachd

Tha riaghaltasan na Rìochachd Aonaichte agus na h-Alba air bunaid aontachadh airson referendum le aon cheist air neo-eisimeileachd. Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, agus Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gun deach adhartas a dhèanamh, agus tha dùil a-niste ri coinneimh an ath-sheachdain eadar Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond.

Co-labhairt nan Tòraidhean

Bheir Dàibhidh Camshron a' Cho-labhairt Thòraidheach ann am Birmingham gu ceann an-diugh, le rabhadh gum bi cùisean gu math doirbh fhathast. Innsidh e dha na buill gur e obair chruaidh a bheir Breatainn tron èiginn eaconamaich.

Prìs a' Bhìdh

Tha rabhadh ann gun èirich prìs a' bhìdh gu mòr eadar seo agus deireadh na bliadhna, an dèidh droch fhoghair. Thuirt Aonadh nan Tuathanach gu bheil toradh gràin na h-Alba sìos an 5mh cuid leis cho fliuch 's a bha an Samhradh, agus tha prìs gràin ag èirigh air feadh an t-Saoghail ri linn na tart as miosa bho chionn 50 bliadhna ann an Aimeireaga.

Co-labhairt Eaconamach

Tha Comhairle nan Eilean Siar an ceann co-labhairt ann an Steòrnabhagh an-diugh a' deasbad obair-leasachaidh anns a' choimhearsnachd, agus sgrùdadh a rinn a' Chomhairle fhèin ag ràdh gu bheil obair-leasachaidh air feadh nan Eilean a' sìor fhàs toinnte, gu h-àraid leis mar a tha coimhearsnachdan a' faighinn seilbh air an fhearann aca fhèin. Tha a' Chomhairle airson gun seachainn iad suidheachadh far am bi diofar bhuidhnean a' cosg airgid agus saothrach air an aon obair.

Croitearachd

Tha tè de bhuill SNP na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Sìne Urchardan, ag iarraidh deasbaid ann an Holyrood mu chroitearachd. Tha dragh oirrese gum bi mòran chroitearan nach urrainn dèiligeadh ri riaghailtean ùra, agus atharrachadh ann am Poileasaidh Choitcheann an Àiteachais aig an Aonadh Eòrpach.

Mìcheal Davidson

Chuir Poilis a' Chinn a Tuath prìosanach an grèim a-rithist cola-deug an dèidh dha teicheadh bho Chùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhùthaich. Bha Mìcheal Davidson, a tha 27 bliadhna de dh'aois, an cùram na companaidh tèarainnteachd G4S, nuair a theich e tro uinneig ann an taigh na cùirteach. Thuirt na Poilis gun do chuir iad an grèim e tràth sa mhadainn an-diugh ann an Alanais.