Gàidhlig Chomhghaill ga toirt air ais beò

Comhghall Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption 'S ann an Comhghall a thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a chumail.

Tha 15 bliadhna ann bho chaochail an fheadhainn mu dheireadh aig an robh Gàidhlig sgìre Chomhgaill, air Chluaidh, air an teanga.

Ach tha oidhirp ga dèanamh anns an sgìre airson an dualchainnt ath-bheothachadh.

'S ann an Comhghall a tha Dùn Òmhain, far an tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a chumail.

Tha Àdhamh Ó Broin air a bhith bliadhnaichean a' rannsachadh Gàidhlig Chomhghaill, agus 's e a th' air cùl a' phroiseict 'Droitseach', a tha ag amas air a' chainnt a theagasg do chloinn-sgoile na sgìre.

"Ann an Comhghall 's e seo a' chiad iomairt a'ainn, airson a' Ghàidhlig seo a thoirt air ais beo," thuirt Mgr Ó Broin.

Alba air fad

"'S e rudeigin a thàinig am bàrr, bhon bha sinn uile anns a' bhuidhinn sin, bha sinn a' smaoineachadh air mar a tha dreach stèidhichte ann an Gàidhlig a-nis, agus nach eil uiread eagail ann gum bi Gàidhlig a' dol à bith anns an àm ri teachd.

"Tha e beagan nas cinntiche gum bi i a' fanachd leinn.

"Ach an rud a tha a' dol a dhol à bith, 's e na dualchainntean.

"Agus bha e a' coltach nach robh duine sam bith cha-mhòr a' dèanamh mòran mun cuairt air sin airson sin a chur ceart," thuirt e.

Chan iad clann-sgoile a-mhàin a tha ag ionnsachadh na dualchainnt ge-tà, le inbhich a' gabhail ùidh anns a' ghnothach cuideachd.

"Rugadh agus thogadh mi anns an Leamhnachd, taobh ri Earra-Ghàidheal a Deas," thuirt Seumas MacIonmhainn.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Èistibh ri Gàidhlig Chomhghaill.

"Agus tha ainmean-àite Gàidhlig air feadh na dùthcha.

"Bha e cho inntinneach dhomhsa nuair a bha mi òg," thuirt e.

Chan ann mar chur-seachad a-mhàin a tha an iomairt seo ge-tà, agus an fheadhainn a tha an sàs innte airson an dualchainnt a thoirt air ais bhon bhàs anns an sgìre, agus an làmh a shìneadh nas fharsainne.

"'S e an ath-cheum gum bi sinn a' feuchainn ri Gàidhlig Chomhghaill a stèidheachadh anns an dùthaich seo a-rithist," thuirt Àdhamh.

"Agus le Droitseach chan eil sinn a' sealltainn air Comhghall a-mhàin, tha sinn a' sealltainn air Alba air fad, agus tha sinn airson cuideachadh a thoirt do dhuine sam bith ann an Alba aig a bheil ùidh shònraichte ann an dualchainnt acasan far a bheil iad beò.

"Chan eil e na ghnothach idir cò às a thàinig iad no rud sam bith, 's e gu bheil ùidh aca ann an dualchainnt na Gàidhlig a thoirt air ais beò.

"Tha sinne airson beagan den eòlas a th' againne air a' ghnothach, bhon a tha mise air a bhith ga dhèanamh fad dà bhliadhna a-nis, a thoirt seachad dhai' airson cuideachadh air a sin," thuirt e.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt, le bhith a' sireadh duilleag "Droitseach" air Facebook.