Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dàmhair 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Duais Sìth Nobel

Chaidh Duais Sìth Nobel na bliadhna seo a thoirt dhan Aonadh Eòrpach. Thuirt comataidh Nobel gu bheil an EU airidh air an duais, airson obair na buidhne ann a bhith a' toirt nan dùthchannan Eòrpach còmhla anns na bliadhnaichean an dèidh an Dàrna Cogaidh.

Prìs a' Ghas

Tha British Gas, dham buin Scottish Gas ann an Alba a' cur prìs a' ghas aca suas 6% bhon 16mh là den t-Samhain. Thuirt British Gas gum feum a' chompanaidh airgead a chur an sàs anns a' Ghriod Nàiseanta, aig àm nuair a tha prìs a' chonnaidh mar a tha iadsan ga cheannach a' dol suas cuideachd. Thuirt Consumer Focus Scotland gum feum an Riaghaltas, agus an riaghladair cumhachd Ofgem, barrachd a dhèanamh airson dìon a chur air daoine bho àrdachadh mòr den t-seòrsa seo.

Afganastan

Thàinig dearbhadh bho Mhinistreachd an Dìon gun deach seachdnar shaighdearan marine a chur an grèim fo amharas gun do mhuirt iad reubaltach ann an Afganastan. Chaidh an cur an grèim co-cheangailte ri tachartas ann an sgìre Helmand an-uiridh, nuair a bha Brigade 3 Commando stèidhichte an sin.

Newsnight

Tha am BBC a' cur fear de na stiùirichean aca a bhruidhinn ri luchd-naidheachd air a' phrògram Newsnight, mun dragh a th' orra mun cho-dhùnadh chonnspaideach rannsachadh mu chasaidean drabastachd an aghaidh Jimmy Saville a leigeil às. Dh'iarr Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Seòras Entwhistle, air Coinneach MacGuaire, Stiùiriche a' BhBC ann an Alba bruidhinn ri luchd-obrach mus tòisich rannsachadh oifigeil aig a' BhBC. Tha am BBC a' dol às àicheadh gun do chuir manaidsearan cuideam air deasaiche a' phrògraim an-uiridh.

Halls

'S e meadhan là an-diugh an ùine a chaidh a chur mu choinneimh thagraidhean airson factaraidh feòla Halls aig Broxburn air Taobh Siar Labhdainn a cheannach. Tha dà bhuidhinn air innse mar thà gu bheil ùidh aca sa ghnìomhachas, far a bheil 1,700 cosnadh ann an cunnart.

Am Mòd

Uell mar a bha Mòrag ag ràdh na bu tràithe tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tòiseachadh ann an Dùn Omhain a-nochd, le cuirm ann an Talla na Bàn-righinn aig 7:30f. Tha 120 bliadhna bho bha a' chiad Mhòd anns an Òban. Seo an seachdamh turas aig a' Mhòd ann an Dùn Omhain.